Tachartasan
Fèis na h-Òige - Inbhir Nis - Samhradh 2008
Tha Fèis na h-Òige a' toirt cothrom do chloinn le Gàidhlig sgilean ann an ceòl, seinn, drama, dannsa, iomain agus ealain ionnsachadh. 'S ann tro mheadhan na Gàidhlig a tha teagasg na Fèise air fad.Tha Fèis na h-Òige airson cloinne a tha eadar ochd bliadhna agus ochd bliadhna deug a dh'aois, agus tha 'Fèis Bheag' ann dhan fheadhainn nas òige na sin. Bidh an Fhèis a' gabhail àite eadar Diluain 30 Òg Mhìos agus Dihaoine 4 Iuchar aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis anns a' chiad sheachdain de shaor-làithean na sgoile.
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Màiri Oakley -
fòn 01463 224 654 no Alison air 01463 729 278,
post-d: feisnahoige@feisean.org no thoiribh sùil air an làrach-lìn www.feisean.org/feisnahoige
Diluain, 05 Cèitean 2008




